29.06.2014 Views

caibideil 1 - Scottish Parliament

caibideil 1 - Scottish Parliament

caibideil 1 - Scottish Parliament

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Earrann 2 - Conaltradh

Prionnsapalan:

Tha cleachdadh na Gàidhlig aig a’ chiad ìre aig am bi ceangal aig a’ phoball ri ùghdarras poblach a’ cur ris na h-uidhir den chànain

a tha ri faicinn is ri cluinntinn agus bidh e a' cur ris an fhaireachdainn gun gabh Gàidhlig a chleachdadh is gu bheilear a’ cur fàilte

air seo. A bharrachd air a bhith a’ cur ri inbhe na cànain, bidh e cuideachd a’ cruthachadh chothroman gus a chleachdadh agus a’

brosnachadh dhaoine gus Gàidhlig a chleachdadh nuair a thathar a’ gabhail gnothaich ris an ùghdarras phoblach an dèidh sin.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an conaltradh ris an ùghdarras ann an litrichean, ann am post-dealain agus air am fòn cudromach

gus cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a chleachdadh agus le bhith a’ cur ris an fhaireachdainn gu bheilear toilichte a

chleachdadh. Faodaidh ìre na Gàidhlig ann am farsaingeachd de bhileagan san dà chànain agus sa Ghàidhlig a-mhàin cur gu mòr

ri follaiseachd agus urram na cànain. Faodaidh ullachadh tionndadh Gàidhlig bhileagan, iarrtasan agus sgrìobhainnean eile,

cuideachadh cuideachd gus a chur ris an ìre de bhriathrachas Gàidhlig agus ri aire luchd na Gàidhlig air a leithid de bhriathrachas,

rud a chuidicheas ri leasachadh na cànain fhèin.

Cuideachd, bidh a’ bhuidheann ann an conaltradh ri muinntir na h-Alba tro fharsaingeachd de sheirbheisean-foghlaim is eadarmhìneachaidh,

tachartasan nam measg. Tha Gàidhlig ga h-amalachadh a-steach gus cur barrachd ri follaiseachd na cànain agus

ris an ìre a chluinnear

Tha BCPA mothachail air cho cudromach is a tha e cothroman a chruthachadh

gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann am farsaingeachd de shuidheachaidhean

làitheil agus tha rùn aige cur ris an ìre de dh'ullachadh anns an raon seo.

34

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!