29.06.2014 Views

caibideil 1 - Scottish Parliament

caibideil 1 - Scottish Parliament

caibideil 1 - Scottish Parliament

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

Facal-toisich leis an Oifigear Riaghlaidh

Tha mi toilichte an dàrna cuairt den Phlana Gàidhlig aig Buidheann Chorporra

Phàrlamaid na h-Alba a chur fa bhur comhair, a tha a’ cur nan gnìomhan a tha

fainear dhuinn eadar an Cèitean 2013 agus an Giblean 2018 an cèill.

Mar a’ chiad chuairt den Phlana Gàidhlig againn, a bha a’ nochdadh nan gnìomhan a

bha againn eadar an Cèitean 2008 agus an Giblean 2013, bidh seo a’ cur dealas

Buidheann Chorporra Phàrlamaid na h-Alba do Ghàidhlig agus don phrionnsabal gu

bheil Gàidhlig airidh air spèis cho-ionnan ris a’ Bheurla an cèill, mar a chithear ann

an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Bidh Buidheann Chorporra Phàrlamaid na h-Alba (BCPA) a’ toirt seachad an luchdobrach,

toglaichean agus seirbheisean a bhios a dhìth air Pàrlamaid na h-Alba gus

an obair aice a choileanadh. Tha grunn sheirbheisean aig BCPA a bhios a’ toirt

cothrom Gàidhlig a chleachdadh do Bhuill agus don Phoball. Tha Poileasaidh

Cànain aig BCPA a bhios a’ nochdadh co-theacsa slàn ar solarachaidh.

Le toirt a-steach a’ chiad chuairt den Phlana Gàidhlig againn, thug BCPA a-steach

gus cur ri inbhe agus faicsinneachd na Gàidhlig san obair aice. Mar phàirt dhiubh tha

cleachdadh teicneolas, cothroman trèanaidh, Gàidhlig a’ nochdadh a thaobh fastadh

agus toirt seachad sreath de sheirbheisean ruigsinn/com-pàirteachaidh.

Chaidh an dàrna cuairt den Phlana againn a dhealbhachadh gus a bhith a’ cur ris an

t-sreath shoifistaigeach de sheirbheisean a bhios rim faighinn agus a bhith gam

brosnachadh. Mar sin, bhithinn a’ moladh gum bu chòir do gach neach aig a bheil

Gàidhlig no a bhios ga h-ionnsachadh a bhith a’ dèanamh feum de na cothroman

seo a bhith ag ionnsachadh mu, no a’ gabhail pàirt ann an obair Pàrlamaid na h-Alba

tro mheadhan na Gàidhlig.

Fìor Urr. Tricia Marwick BPA

An t-Oifigear Riaghlaidh

1

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!