Growth and development.pdf

Growth and development.pdf Growth and development.pdf

lx.iriss.org.uk
from lx.iriss.org.uk More from this publisher
12.07.2015 Views

Tha ìre àrd de luchd-obrach sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, gu sònraichte luchd-obrach airbeulaibh sluagh, luchd-cùraim dachaigh sa mhòr-chuid, ged a tha an àireamh air lùghdachadh eadar1999 agus 2000. Ann an 2001, cha robh dreuchdan bàn ann idir. Chan eil na h-aon thrioblaidean air abhith aig a’ Chomhairle seach ùghdarrasan eile, ach tha duilgheadasan air a bhith aca ann a bhith a’lìonadh dreuchdan sònraichte, agus bha cuideam orra a thaobh dreuchdan cùraim dachaigh. Bigluasad gu uairean bliadhnail a ciallachadh gun tèid aig a’ Chomhairle air farpais nas fheàrr ridreuchdan eile sa mhargaidh. Tha trèanadh nas fheàrr airson luchd-cùraim àiteachan-còmhnaidh aciallachadh gum bheil tlachd obrach agus ìrean seirbheis nas fheàrr ann.A dh’aindheoin a chosgais a tha an luib trèanadh air falbh bho na h-eileanan, tha a’ Chomhairle aircumail ris a’ ghealltanas aca a thaobh trèanadh agus leasachadh luchd-obrach. Tha SVQs air ancleachdadh gu tric, a chionn is gum faighear air an dèanamh as aonais a dhol gu tìr-mòr.Chaidh fàilte a chur air cùmhnant stiùiridh ann an seirbheisean obair a-muigh agus a leudachadhchun an raon còmhnaidh a fhuair inbhe Investors in People bho chionn bliadhna gu leth. Thafuasglaidhean teicnigeach airson feumalachdan trèanaidh gu sònraichte tarraingeach.7. Ag Ùrachadh SheirbheiseanTha dualchas Gàidhlig sluagh na sgìre ri fhaicinn gu làidir, an dà chuid ann an seirbheisean poblachagus ann am beatha na coimhearsnachd. Tha coimhearsnachd bheag Àsianach san sgìrecuideachd. San Earrach 2002 bha obair gun tòiseachadh fhathast air plana co-ionannachd cinnidh.Tha poileasaidh co-ionannachd chothroman aig a’ Chomhairle ach chan eil i air co-ionannachdcinnidh a ghabhail thuice fhèin mar chuspair cudromach fhathast. Chan eil am poileasaidh a’dèiligeadh ri na duilgheadasan cudromach a tha a’ nochdadh ann an àiteachan eile, ged a thamothachadh làidir aig daoine air eadar-dhealachadh cultarail.Fhuair a’ Chomhairle buannachd bho leasachaidhean conaltraidh fòn tràth sna 90an. Thug seocothrom goireasan leithid co-labhairt bhideo agus siostaman rabhaidh a leasachadh. Tha fònaicheanpòca aig luchd-obrach sòisealta air fad. Chan eil gin a phròiseactan Ùrachadh Riaghaltais aig a’Chomhairle an dràst, ach tha tagradh a-staigh airson leasachadh a thoirt air siostam sgrùdaidheileagtronaigeach airson cùram dachaigh.Tha siostaman fiosrachaidh luchd-cleachdaidh fhathast aig ìre bhunasach. A thuilleadh air an t-seirbheis cùram dachaigh, chan eil manaidsearan a’ coimhead ris mar phrìomh amas, ri linn anàireamh de luchd-cleachdaidh. Tha roinn na h-obrach shòisealta a’ coimhead ri siostam far-na-sgeilpairson seirbheisean chloinne agus ceartas eucorach.8. An t-Àm ri TeachdAnn a bhith a’ dèiligeadh ris an àrdachadh ann an àireamh seann daoine, tha a’ Chomhairle agaithneachadh gum feumar cuideam a chur sa bhad air taic choimhearsnachd agus leasachadh adhèanamh ann an subailteachd agus inbhe na seirbheis cùram dachaigh. Ann a bhith a’ sònrachadhprìomh amasan ghoireasan san àm ri teachd, feumaidh leasachadh sheirbheisean tomhas adhèanamh air cosgaisean ag èirigh, mu choinneamh a chosgais àrd a th’ ann an dràst airson cùramcoimhearsnachd mu choinneamh gach ceann dhen t-sluagh.117

Tha na leanas am measg nan gnìomhan sònraichte a tha feumach air aire leantainneach:• prògram airson dachaighean còmhnaidh a thogail no a chàradh;• luchd-obrach cùram dachaigh chùmhnantaichte a stèidheachadh; agus• seirbheisean a thoirt seachad aig uairean mi-shòisealta tro sheirbheis taic oidhche.Airson leasachaidhean air feadh cùram choimhearsnachd, bu chòir dhan Chomhairle leantail ri compàirticheanslàinte agus dòighean co-mheasaidh agus stiùireadh cùraim obrachadh a-mach agus achur an gnìomh, a thuilleadh air a’ phrògraim cùram stèidhichte.Chan eil gin de bhuidhnean ann airson daoine le bacadh mothachaidh. Tha iarrtas airsonseirbheisean ìseal ach uamhasach sradagach, agus tha fìor dhuilgheadasan practaigeach aig a’Chomhairle ann a bhith a’ maoineachadh agus a’ frithealadh seirbheis phroifeiseanta. Gus dèiligeadhris an trioblaid agus molaidhean ciallach a thoirt air adhart, dh’fhaodadh a’ Chomhairle buidheannioma-chuspaireach fhastadh a dhèanadh ath-bhreithneachadh ro-innleachdail air roghainnean airsonan àm ri teachd.Tha gainne luchd-altruim na dhuilgheadas airson seirbheisean cùraim chloinne, agus bu chòir dhanChomhairle comhairle a ghabhail bho bhuidhnean spèisealta ann a bhith a’ dealbh oidhirpean gusbarrachd luchd-cùraim a thaladh.Gus adhartas a dhaingneachadh ann a bhith a’ leasachadh foghlam airson clann ann an cùram, buchòir dhan Chomhairle cumail orra le bhith:• a’ leasachadh agus a’ cur an gnìomh ro-innleachd airson obair shòisealta agus foghlam airson abhith a’ cur an gnìomh roghainn de mholaidhean Ionnsachadh le Cùram;• a’ dealbh co-leasachadh agus cothroman trèanaidh do luchd-obrach a tha ag obair leis a chlannsin; agus• ag ainmeachadh, cho luath sa ghabhas, cuideigin airson dreuchd oifigear leasachaidh airson clannagus teaghlaichean gus taic a thoirt do dh’obair dìon chloinne.Mar dhòigh air seirbheis cùram-leantaileach a stèidheachadh airson daoine òga bu chòir dhanChomhairle beachdachadh air:• innleachd eadar-bhuidhne a stèidheachadh gus coimhead ri planadh agus cur an gnìomhseirbheisean deatamach; agus• dòigh conaltraidh sheasmhach a stèidheachadh airson beachdan a thrusadh bho dhaoine ògamu sheirbheisean.Mar phrìomh amas obrach, bu chòir dhan Chomhairle plana co-ionannachd cinnidh a dheasachadh atha a’ freagairt feumalachd agus suidheachadh na Comhairle.Airson aire nas fheàrr agus na seirbheisean aice a thoirt air adhart, bu chòir dhan Chomhairlesiostaman fiosrachaidh luchd-cleachdaidh a chur an gnìomh, le ceangalan seirbheis follaiseach.Dh'fhaodadh i ’s docha coimhead ri siostaman far-na-sgeilp dhen t-seòrsa ris a bheil roinn na h-obrach shòisealta a’ coimhead airson clann agus seirbheisean ceartas eucorach.118

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!