12.07.2015 Views

Growth and development.pdf

Growth and development.pdf

Growth and development.pdf

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Tha àite cudromach aig Com-pàirteachas Ciorram Ionnsachaidh, a’ toirt a-steach NHS nan EileanSiar, a’ Chomhairle, buidhnean saor-thoileach agus luchd-cleachdaidh, ann a bhith a’ stiùireadh roinnleachdairson seirbheisean do dhaoine le duilgheadasan ionnsachaidh, a tha a’ fuireach ann ancoimhearsnachdan sgapte air feadh nan Eilean Siar.Tha a’ Chomhairle a’ tairgsinn stiùireadh measaidh agus cùraim, ionadan còig là, agus àiteachancòmhnaidh le taic, agus taic foghlaim airson clann le ciorram ionnsachaidh. Tha dithis nursaicheanciorram ionnsachaidh le uallach airson nan Eilean Siar gu lèir, stèidhichte aig a’ Phròiseict PMS Plusann an Ceann a Tuath na Hearadh. Tha cùram in-euslainteach air a thairgsinn ann an Inbhirnis.Chaidh NCH Alba fhastadh airson comhairle agus seirbheis dachaigh agus faochaidh a thoirt dochlann le feuman sònraichte. Tha co-òrdanaiche anns na h-Eileanan a Deas a’ cuideachadh dhaoinele duilgheadasan ionnsachaidh agus an luchd-cùraim gu bhith ruighinn sheirbheisean, agus thaseirbhis comhairleachaidh ùr ga leasachadh ann an com-pàirt ri Fòraim Cùraim Coimhearsnachd nanEilean Siar.Tha a’ Chomhairle agus Bòrd an NHS air aontachadh co-chomataidh a stèidheachadh agus frèamobrachstiùiridh le manaidsearan singilte air am bith uallach airson sgiobannan cùramcoimhearsnachd a threòrachadh. Anns a’ chiad dhol a-mach, thèid manaidsear leasachaidh fhastadhairson am frèam-obrach a thoirt air adhart. Bith buidseatan obrach fa leth ann sa chiad àite ach thèidan tarraing còmhla rè ùine agus cumhachdan pàirtean dhiubh a sgaoileadh a-mach.Chaidh Cothroman Trèanaidh gu Ruige Neo-eisimileachd a chur air bhonn leis a’ Chomhairle, le taicbho Colaiste Caisteal Leodhais agus airgead bho Maoin Shòisealta na h-Eòrpa. Stèidhichte aigColaiste Caisteal Leodhais ann an Steòrnabhagh (Pròiseact OFTI), tha e a’ tabhann cothromanfoghlaim, trèanaidh agus cosnaidh do dh’inbhich le deifir chiorraman, agus duilgheadasanionnsachaidh. Tha am Pròiseact air chothrom air feadh nan Eilean Siar.Tha seirbheisean slàinte inntinn a’ gabhail a-steach dà lighiche-inntinn a tha a’ cleachdadh goireasanco-labhairt bhideo airson ruighinn air euslaintich air feadh nan Eilean, agus tha goireasan airson ineuslaintichann an Steòrnabhagh. Tha seirbheisean coimhearsnachd air an lìbhrigeadh lenursaichean coimhearsnachdan sònraichte, neach-obrach dhrugaichean agus luchd-obrach sòisealtafreagarrach, triùir dhiubh a tha nan oifigearan slàinte inntinn. Tha am Pròiseact I-Reach, air amhaoineachadh le Bòrd an NHS agus air a ruidh le Roinn na h-Obrach Shòisealta, a’ tabhann taicairgeadairson artaigilean no seirbhisean a chuidicheas daoine as dèidh faighinn seachad air tinneasinntinn.Tha co-obrachadh air a stiùireadh le Com-pàirteachas Slàinte Inntinn nan Eilean Siar, a’ toirt a-steachNHS nan Eilean Siar, a’ Chomhairle, buidhnean saor-thoileach agus buidheann luchd-cleachdaidh. Thaan com-pàirteachas air aontachadh dòighean-obrach co-mheasaidh a chur an sàs a thuilleadh air a’phrògraim cùraim a tha stèidhichte mar-thà.Tha na com-pàirtichean air aontachadh dòighean-measaidh a roinn mean air mhean ri na buidhne<strong>and</strong>èiligidh air fad. Tha an dà chuid Carenap E agus Carenap D gam feuchainn mar innealan measaidh.Thèid an sgaoileadh a-mach gu gach raon tro 2002, còmhla ri leasachadh air sgiobannan cùraimcoimhearsnachd amalaichte agus seirbheisean taic sònraichte, stèidhichte sna coimhearsnachdan.Tha innealan measaidh gan leasachadh cuideachd airson ciorram ionnsachaidh agus airson clannagus daoine òga le feuman sònraichte.Airson daoine le bacadh mothachaidh (seann daoine mar is àbhaist) tha neach-obrach sònraichte a’tairgsinn seirbheis taic, agus a’ cumail suas lìonra de ghoireasan leithid ionadan là agus leasachadhobrach. Tha ise a’ dèanamh measadh agus a’ tairgsinn uidheamachd mar a tha feum air. Tha sùillighichetadhail a’ cur an gleus obair clàraidh sam bith a tha a dhìth airson daoine a tha dall no gannsan fhradharc, ach faodaidh taic shusbainteach toirt nas fhaide. Tha seirbheisean sònraichte dodhaoine le gainne fradhairc air an ceannach bho Choin Treòrachaidh airson nan Dall.113

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!