06.07.2015 Views

Na rudan air am bu chòir fios a bhith agad nuair a tha feum agad air ...

Na rudan air am bu chòir fios a bhith agad nuair a tha feum agad air ...

Na rudan air am bu chòir fios a bhith agad nuair a tha feum agad air ...

SHOW MORE
SHOW LESS

Create successful ePaper yourself

Turn your PDF publications into a flip-book with our unique Google optimized e-Paper software.

Na rudan air am

bu chòir fios a

bhith agad nuair a

tha feum agad air

eadar-theangair

Stiùireadh do dhaoine a bhios a’

cleachdadh sheirbheisean slàinte

inntinn is ciorraim ionnsachaidh

Eadar-theangachadh den sgrìobhainn seo

Tha an stiùireadh seo do dhaoine a bhios a’ cleachdadh sheirbheisean slàinte inntinn agus

ciorraim ionnsachaidh, ach aig nach eil a’ Bheurla mar chiad chànan. Tha e cuideachd do

dhaoine a tha nas cofhurtaile a’ cleachdadh cànan eile seach Beurla.

Faodaidh tu an sgrìobhainn seo a chleachdadh nuair a dh’fheumas tu conaltradh le

proifeiseantaich slàinte inntinn tro eadar-theangair.

Bu chòir gum biodh cothrom agad fhaighinn – ann an sgrìobhadh no mar chlàradh – air

eadar-theangachadh dhan chànan a tha thu ag iarraidh.

No, dh’fhaodadh an stiùireadh a th’ ann a bhith air eadar-theangachadh:

• tron fòn le eadar-theangair ron an agallamh; no

• dìreach ron agallamh leis an eadar-theangair a chaidh fhastadh, fhad ’s a tha an

t-agallaiche an làthair

Mar a gheibh thu a’ chuid as fheàrr bhon sgrìobhainn seo

Tha an sgrìobhainn seo a’ toirt comhairle dhut mun dòigh as fheàrr gus seirbheisean eadartheangair

a chleachdadh.

Tha na h-earrainnean a leanas innte:

1. Carson a bu chòir dhut beachdachadh air eadar-theangair a chleachdadh

2. Na nì eadar-theangair dhut

3. Carson a dh’fhaodadh e a bhith na b’ fheàrr eadar-theangair a chleachdadh seach

iarraidh air caraid no cuideigin san teaghlach cuideachadh

4. Na còraichean a th’ agad nuair a bhios tu ag obair le eadar-theangair

5. Mar a bu chòir dhut eadar-theangair a chleachdadh ro, rè, agus an dèidh agallamh

6. Na bu chòir dhut a dhèanamh ma tha thu airson gearain

3

Cò sinn

’S e buidheann neo-eisimeileach a tha ann an Coimisean an Leas-inntinn, a chaidh a chur

air bhonn leis a’ Phàrlamaid, le raon dhleastanasan fo lagh slàinte inntinn is neo-chomais.

Bidh sinn a’ tarraing air ar n-eòlais mar luchd-obrach slàinte is cùraim shòisealta, luchdcleachdaidh

seirbheis agus luchd-cùraim.

Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir do dhaoine le tinneas inntinn, ciorram ionnsachaidh is

duilgheadasan co-cheangailte, a bhith air an làimhseachadh leis an aon spèis airson an coionannachd

is an còraichean daonna ris gach saoranach eile.

1. Carson a bu chòir dhut beachdachadh air eadar-theangair a chleachdadh

Chaidh iarraidh ort com-pàirt a ghabhail ann an agallamh le riochdaire bho bhuidheann

sònraichte.

Mura h-i a’ Bheurla do chiad chànan no mura h-i an cànan as fheàrr leat, tha còir agad

eadar-theangair proifeiseanta a chleachdadh tron agallamh. Tha an t-seirbheis an-asgaidh.

Fiù ’s mas urrainn dhut beagan Beurla a thuigsinn no a bhruidhinn, dh’fhaodte gum bi thu

a’ faireachdainn gu bheil e nas fhasa agus nas nàdarraiche dhut thu fhèin a chur an cèill ann

an cànan eile. Ma tha seo fìor, iarr eadar-theangair.

Chan eil an t-eadar-theangair ag obair dhan bhuidhinn a chuir a’ choinneamh air dòigh.

Cha ghabh an t-eadar-theangair taobh neach sam bith.

Chan eadar-theangaich an t-eadar-theangair ach a-mhàin na chanas tu agus na chanas an

neach a tha a’ cumail an agallaimh.

4

2. Na nì eadar-theangair dhut

Nì eadar-theangair ionnsaichte na rudan a leanas:

• eadar-theangachadh slàn agus ceart a thoirt seachad den a h-uile càil a tha thu fhèin

agus an t-agallaiche ag ràdh ;

• bidh sgilean matha Beurla aca, agus bu chòir gum biodh sgilean matha cànain aig an

eadar-theangair sa chànan no san dual-chainnt agad fhèin cuideachd;

• bidh comas aca mìneachadh a thoirt seachad de chainnt speisealta sam bith a

chleachdas an t-agallaiche;

• innse dhut mura h-eil e no i a’ tuigsinn rudeigin;

• bidh fios aca dè a bu chòir a dhèanamh ma tha:

–an t-agallaiche a’ bruidhinn ro luath,

–an t-agallaiche a’ cur stad air na tha thu ag ràdh,

–rudan eile san rùm a tha ga dhèanamh doirbh dhut aire a chumail.

Cha ghabh an t-eadar-theangair taobh neach sam bith san agallamh.

3. Carson a dh’fhaodadh e a bhith na b’ fheàrr eadar-theangair a chleachdadh

seach iarraidh air caraid no cuideigin san teaghlach cuideachadh

Ma bhios tu ag obair le eadar-theangair ionnsaichte:

• bidh eadar-theangachadh deimhinnte agad den a h-uile càil a tha air a ràdh san rùm,

chan e beachd cuideigin eile air dè tha iad a’ smaoineachadh a tha a’ buntainn riut;

• bidh comas agad na co-dhùnaidhean agad fhèin a dhèanamh, oir bu chòir gum biodh

comas agad a h-uile càil a tha air a ràdh san rùm a thuigsinn;

• bidh thu a’ faireachdainn nas misneachaile gun urrainn dhan eadar-theangachadh

do chuideachadh gus briathrachas speisealta no modhan sam bith a chleachdas an

t-agallaiche a thuigsinn;

• bidh comas agad thu fhèin a chur an cèill gu tur, gu saor agus gu prìobhaideach.

Tha a bhith a’ cleachdadh eadar-theangair ionnsaichte gar cuideachadh gus

dèanamh cinnteach gun urrainn dhan agallaiche an obair aca a dhèanamh ceart.

6

4. Na còraichean a th’ agad nuair a bhios tu ag obair le eadar-theangair

Tha còir agad eadar-theangair ionnsaichte fhaighinn, fiù ’s ma bhruidhneas tu Beurla gu

ìre. ’S e eadar-theangair ionnsaichte an neach as fheàrr gus eadar-theangachadh dhut

fhèin agus dhan agallaiche. Ach, dh’fhaodte gum bi an t-agallaiche toilichte cuideigin bhon

teaghlach agad no caraid a bhith an làthair gus taic a thoirt dhut cuideachd, ma tha thu ag

iarraidh sin.

5. Mar a bu chòir dhut obrachadh le eadar-theangair

Ron agallamh

Bu chòir dhut innse nam b’ fheàrr leat fireannach no boireannach ag eadar-theangachadh,

cuideigin bho bhuidheann-aoise sònraichte, no ma tha cùisean eile ann mu bheil thu a’

faireachdainn làidir.

Aig toiseach an agallaimh

Bu chòir dhan agallaiche:

• innse cò thu dhan eadar-theangair;

• innse dhutsa cò an t-eadar-theangair;

• innse dhut na bhios an t-eadar-theangair a’ dèanamh;

• dèanamh cinnteach gu bheil thu a’ tuigsinn cànan no dual-chainnt an eadar-theangair.

Bu chòir dhut innse dhan agallaiche, tron eadar-theangair, ma tha:

• duilgheadas sam bith agad a’ tuigsinn an eadar-theangair;

• adhbharan sam bith ann a tha thu mì-chofhurtail ag obair tron eadar-theangair seo;

• mura h-eil thu toilichte mu dheidhinn rudeigin eile, leithid far a bheil thu a’ suidhe.

Coimhead air an inneal Ag Obair le Eadar-theangair airson tuilleadh fiosrachaidh mu

dhreuchd is dhleastanasan eadar-theangairean.

7

Fhad ’s a tha an t-agallamh a’ dol air adhart:

Bu chòir dhut:

• bruidhinn gu nàdarra is gu dìreach ris an agallaiche, chan ann ris an eadartheangair;

mar eisimpleir, can “Is mise…” chan e “Innis dha/dhi gur mise…”

• stad gu tric gus an urrainn dhan eadar-theangair na tha thu ag ràdh a

leantainn agus gus eadar-theangachadh ceart a thoirt air na tha thu ag ràdh;

• leig leis an eadar-theangair do stad gus iarraidh ort rudeigin a ràdh a-rithist

no a mhìneachadh;

• bruidhinn dhut fhèin – chan urrainn dhan eadar-theangair ceist a fhreagairt

dhut no puing chultarail a mhìneachadh dhut;

• foighnich dhan agallaiche mura h-eil thu a’ tuigsinn rudeigin – mìnichidh an

t-agallaiche seo tron eadar-theangair;

• innis ma tha thu a’ faireachdainn mì-chofhurtail aig àm sam bith;

• bi an dùil gun eadar-theangaich an t-eadar-theangair foirmean no

sgrìobhainnean sam bith air an tèid iomradh a thoirt tron agallamh.

Aig deireadh an agallaimh:

• bu chòir gun innis an t-agallaiche dhut dè an ath rud a thachras;

• bu chòir gum faigh thu dreachd eadar-theangaichte de aithisg sam bith a

thig an dèidh an agallaimh;

• bu chòir gun innis an t-agallaiche dhut mar a dh’fhaodas tu gearain.

9

6. Na bu chòir dhut a dhèanamh ma tha thu airson gearain

Ma tha thu airson gearain mun agallamh

• Iarr foirm gearain. Dh’fhaodte gum bi fear sgrìobhte sa chànan agad fhèin a dh’fhaodas

tu a lìonadh sa chànan agad fhèin. Thèid na sgrìobhas tu eadar-theangachadh dhan

Bheurla a-rithist.

• Ma tha am foirm-gearain ann am Beurla no ma dh’fheumas tu cuideachadh a’ lìonadh

an fhoirm, eadar-theangaichidh an t-eadar-theangair dhut e, gus an urrainn dhut a

lìonadh a’ cleachdadh a’ chànain agad fhèin. Thèid na chanas tu eadar-theangachadh

dhan Bheurla a-rithist.

Ma tha thu airson gearain mun eadar-theangachadh

• Faodaidh tu gearain ris an agallaiche le bhith a’ bruidhinn tron eadar-theangair.

Cuimhnich gu bheil eadar-theangairean air an trèanadh gus nach bi iad a’ gabhail taobh

sam bith agus feumaidh iad a h-uile càil a tha air a ràdh san rùm eadar-theangachadh.

• Ach ma tha seo gad dhèanamh mì-chofhurtail, faodaidh tu iarraidh gearain a

dhèanamh. Faodaidh tu eadar-theangair eile iarraidh, gus an urrainn dhut an gearain

agad a dhèanamh. Ma tha e doirbh eadar-theangair eile a chur air dòigh gus tighinn

chun na coinneimh sa bhad, faodaidh tu seirbheis eadar-theangachaidh fòn a

chleachdadh. Iarr tuilleadh fiosrachaidh air an agallaiche.

10

Mar a chuireas tu fios thugainn

Coimisean Leas-Inntinn na h-Alba

Thistle House

91 Barraid Margadh an Fheòir

Dùn Èideann

EH12 5HE

Fòn an-asgaidh do luchd-cleachdaidh seirbheis is luchd-cùraim – 0800 389 6809

Oifis 0131 313 8777

www.mwcscot.org.uk

Do bheachdan

Tha sinn airson ’s gum bi fios againn dè tha thu a’ smaoineachadh mun t-seirbheis againn.

Ma tha sinn air càil a dhèanamh ceàrr, bu toil leinn cothrom fhaighinn a chur ceart. Bu toil

leinn cuideachd fios fhaighinn ma chaidh againn air cuideachadh. Mar sin ma tha gearain,

beachd no moladh agad, cuir fòn thugainn air 0800 389 6809. Èistidh sinn ris na th’ agad

ri ràdh agus cleachdaidh sinn e gus an t-seirbheis againn a dhèanamh nas fheàrr.

11

Ma tha thu airson fiosrachadh as ùr fhaighinn air post-d no tron

phost, cuir d’ ainm ris an liosta-puist againn.

Ainm

Seòladh

Post-d

Tha an ùidh as motha agam ann am fiosrachadh air:

q Luchd-cleachdaidh seirbheis ciorraim inntinn no luchd-cùraim

q Luchd-cleachdaidh seirbheis slàinte inntinn no luchd-cùraim

q Proifeiseantaich slàinte inntinn

tiotal obrach __________________________________________________________________________________________

q Proifeiseantaich ciorraim ionnsachaidh

tiotal obrach __________________________________________________________________________________________

q Eile

innis dè

q Bu toil leam am fiosrachadh agam ann an cruth eile

(mar eisimpleir, furasta a leughadh, teip, cànan eile)

innis dè

Tha mi ag aontachadh a bhith air liosta-puist Coimisean an Leas-Inntinn (CLI)

Cuir d’ ainm-sgrìobhte __________________________________________________________________________________

Tha fiosrachadh mu raon iomlan nam foillseachaidhean aig CLI ri fhaotainn air an làraich-lìn

againn. www.mwcscot.org.uk

Màrt 2013

12

Thistle House

91 Barraid Margadh an Fheòir

Dùn Èideann

EH12 5HE

Fòn: 0131 313 8777

Facs: 0131 313 8778

Fòn an-asgaidh do luchd-cleachdaidh

na seirbheis agus luchd-cùraim: 0800 389 6809

enquiries@mwcscot.org.uk

www.mwcscot.org.uk

Ògmhios 2013

Buidheann APS 272269 (06/13)

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!